Dualchas Màiri Mhòr nan Òran
Schedule
Sat Mar 01 2025 at 02:00 pm to 03:00 pm
UTC+00:00Location
Inverness Capital City Of Highland, Scotland | Inverness, SC
Advertisement
Tha Tobar an Dualchais agus Cultarlann Inbhir Nis a’ cur air dòigh an tachartais seo, ann an co-bhonn leis a’ Chomunn Ghàidhealach mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig.Tha an tachartas a’ comharrachadh beatha na bana-bhàird Màiri Mhòr nan Òran agus nan ceanglaichean aice ri Inbhir Nis, far an robh i a’ fuireach airson cha mhòr 30 bliadhna.
Mar phàirt den tachartas, bidh òraid ghoirid ann mu a beatha agus thèid taghadh de dh’òrain bho làrach-lìn Tobar an Dualchais a rinn Màiri Mhòr a chluiche. A bharrachd air seo, bidh Fonn Fonn Fonn, còisir a’ Chultarlainn, agus na còisirean sgoile Còisir is Ceòl na h-Òige, a’ seinn òrain a rinn i.
Bidh tì is cofaidh ri fhaighinn aig deireadh an tachartais, le cothrom a bhith a’ cabadaich le chèile. Bidh an tachartas seo dà-chànanach.
An uairsin thèid am prògram dràma ‘Màiri Mhòr: Na h-òrain ’s a Beatha’ a shealltainn aig Eden Court aig 3.30f. Sgrìobh John McGrath am prògram seo, a tha fad uair a thìde, agus chaidh a dhèanamh le Freeway Films. Gheibhear tiogaidean air a shon aig https://eden-court.co.uk/event/mairi-mhor
-------------------------------------------
Tobar an Dualchais and Cultarlann Inbhir Nis are organising this event in collaboration with An Comunn Gàidhealach, as part of Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week).
The event is a celebration of the life of the poet Mary MacPherson, known as Màiri Mhòr nan Òran, and her connections with the city of Inverness, where she lived for almost 30 years.
The event will include a short talk about her life, a selection of recordings from Tobar an Dualchais of songs composed by Màiri Mhòr, as well as songs performed live by Cultarlann’s choir Fonn Fonn Fonn. and by local school choirs Còisir and Ceòl na h-Òige.
Tea & coffee will be available at the end of the event, with an opportunity to chat. This event will be bilingual.
There will then be a free screening of ‘Màiri Mhòr; Her Life and Songs’ by Eden Court at 3.30pm. This hour-long drama-documentary was written by John McGrath and produced by Freeway Films. Tickets for the screening can be pre-booked at https://eden-court.co.uk/event/mairi-mhor
Image credit: Highland Folk Museum, High Life Highland
Advertisement
Where is it happening?
Inverness Capital City Of Highland, Scotland, Inverness, United KingdomEvent Location & Nearby Stays: